Tha Na Buthaidean a’ Cur M’ Fhaclan Orra


This story contains descriptions of animal cruelty and death. 


Tha mionc òg air mothachadh dhan a’ mheas agus an spèis a th’ aig daoine dhan bhuthaid.

Tha e ag amharc agus daoine a’ cuairteachadh nan taighean aca trì tursan airson deagh fhortan mus tog iad orra a dh’obair, cleas nan trì cuairtean a nì a’ bhuthaid timcheall air an eilean naomh.

Tha e a’ toirt fa-near gu bheil aiseag nan daoine a’ seòladh trì uairean san t-seachdain. Agus chuala e gu bheileas a’ cuimhneachadh air aoisean nan con, nan each, nan daoine, nan iolairean agus nan darach ann an trì cuibhreannan ùine.

Tha am mionc a’ cunntas ìrean a bheatha - dìreach mar a bhios daoine - agus tha e ag aithneachadh trì amannan - breith, beatha agus bàs.

an oil painting of three fulmars at cliff's edge
Three Fulmars, 2025, oil on canvas, 24 x 30 in.

Tha am mionc a’ cunntadh cia mheud strap agus ràth a th’ air an cur leis na daoine airson cur às dha, agus thug e fa-near gun robh daonnan còrr is trì dhiubh anns gach baile.

Le cinnt gur e an àireamh trì a tha a’ ceangal nan daoine agus na buthaide, tha am mionc a’ cur roimhe sealbh a ghabhail air a brìgh.

Tha caochladh chruthan-tìre anns an àite far a bheil am mionc agus na daoine a’ fuireach còmhla. Agus mar sin, tha am mionc a’ roghnachadh trì àiteachan airson am plana aige a chur an gnìomh.

A dh’aindeoin cunnart àirdean nam bearraidhean tha e a’ dol suas agus sìos a’ chreag trì tursan a’ marbhadh trì fulmairean agus a’ lìonadh a bhrù fad trì làithean.

Tha am mionc an uair sin a’ siubhal gu tuineachas fhaoileag air mullach creige bholcànaich agus a’ marbhadh trì faoileagan airson an ithe fad trì làithean eile.

an oil painting of a dead gull's body, chest open and bone exposed, lying on yellowing grassland
Three Gulls, 2025, oil on canvas, 20 x 30 in.

Fhad’ ’s a tha am mionc a’ cur an gnìomh a’ phlana aige tha e a’ fàs nas eòlaiche agus nas eòlaiche air an àite. Ach dh’fhàs na ràthan agus na strapan fiù ’s na bu lìonmhoire agus tha am mionc a’ sìor-fhaireachdainn gun fheum.

Mar sin, tha am mionc a’ fiaradh nas fhaisge air na daoine, an dòchas mu dheireadh thall gu bheil com-pàirt aige ann am brìgh nan trì.

Aon oidhche mu dheireadh thall tha am mionc a’ cur roimhe trì cearcan a th’ aig teaghlach a mharbhadh, a’ fàgail nan daoine a’ faireachdainn gun fheum an ath mhadainn.

an oil painting of three hens inside a chicken coop, with one white hen in the centre, and two brown hens showing their heads.
Three Hens, 2025, oil on canvas, 20 x 30 in.

Mar sin, chuir na daoine trì strapan eile ri taobh nan allt agus nan aibhnichean aca.

Tha na daoine a’ tuigsinn gu bheil còrr is trì snàithlein anns an rud a tha a’ ceangal a’ mhionc riutha, ach chan urrainn dhan a’ mhionc no dha na daoine fuasgladh fhaighinn air gun marbhadh a bhith na chois.

An urrainn dhutsa smaoineachadh air fuasgladh?


Tha Na Buthaidean a’ Cur M’ Fhaclan Orra in English

Story and Paintings by Shen Xin

Gàidhlig translation by Calum Munro